Buain Gaelic Arts gathering opens for registration

Cruinneachadh nan Ealan Ghàidhlig Buain fosgailte airson clàradh 

Thèid an tachartas a chumail ann an Grinneabhat, Eilean Leòdhais, Diciadain 18 Sultain 2024

A group of people sitting and chatting together at a table, covered in notebooks, water glasses and cups of tea. They are in a large room, where more tables can be seen in the background, and a colourful image on a screen behind them in written in Scottish Gaelic.

Keri Johnson Photography, Astar Media airson Alba Chruthachail.

Thathar a’ toirt cuireadh do luchd-ealain le Gàidhlig, luchd-obrach leasachadh ealain agus buidhnean le fòcas air a’ Ghàidhlig àite a chlàradh airson Buain- cruinneachadh nan Ealain Ghàidhlig.

Togaidh an tachartas fad-latha air soirbheas a’ chiad tachartais a’ comharrachadh ealain is cultair na Gàidhlig a chaidh a chumail san t-Sultain an-uiridh le Alba Chruthachail aig Acadamaidh Chruthachail WASPS ann an Inbhir Nis. Bidh tachartas na bliadhna-sa, a mhaireas latha, a’ gabhail àite ann an Grinneabhat, Eilean Leòdhais air Diciadain 18 Sultain,  àite coineachaidh is cèilidh suidhichte ann an àite far is e Gàidhlig cànan na coimhearsnachd. Is e a' Ghàidhlig prìomh chànan an tachartais, agus tha sinn a' cur fàilte air luchd-labhairt aig gach ìre.

Bidh Raghnaid Sandilands, Rhona NicDhùghaill agus Màiri Kidd (Stiùiriche Comann Crann na h-Alba) nar cuideachd air an latha gus bruidhinn mun obair chruthachail fharsaing aca ann an eitneòlas cruthachail, com-pàirteachadh stèidhichte air àite, agus litreachas. Bidh tìde gu leòr ann air an latha airson conaltradh, cabadaich agus coinneachadh ris an fheadhainn eile a thig ann.  

Faodaidh luchd-frithealaidh cuideachd a dhol air cuairt treòraichte gus eòlas fhaighinn air cruth-tìre agus àrainneachd an àite bho shealladh ionadail, agus gus crìoch a chur air an latha, thathar a' toirt cuireadh dhan a h-uile duine gu cèilidh traidiseanta.

Tòisichidh an latha aig 09:45 le fàilte agus cofaidh, a' tòiseachadh gu foirmeil aig 10:15 agus a' tighinn gu crìch aig 18:00, le busaichean a' tilleadh a Steòrnabhagh, a' gabhail a-steach a bhith a' leigeil a-mach daoine air an t-slighe.

Thuirt Anna NicGuaire, Oifigear Ealain Ghàidhlig aig Alba Chruthachail: “Thòisich an tachartas an-uiridh còmhradh brosnachail agus inntinneach agus tha sinn airson an spionnadh sin a thoirt air adhart am-bliadhna.

“Tha Eilean Leòdhais na àite air leth freagarrach airson togail air an tachartas agus gus cur ri cothroman lìonrachaidh agus co-roinn eòlais do luchd-ealain agus cleachdaichean aig a bheil Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gum faic sinn daoine a’ tilleadh a bharrachd air a bhith a’ cluinntinn mu ghuthan is eòlasan ùra.”

Thèid an luchd-labhairt a fhuair cuireadh agus prògram slàn an latha ainmeachadh san Iuchar.

Thuirt Anna Mhàrtainn, seinneadar bhon t-Eilean Sgiathanach, mun thachartas an-uraidh: “’S e cothrom air leth a bh’ ann a bhith cruinn còmhla an Inbhir Nis, a bhith coinneachadh ri daoine bho ghach raon de na gnìomhachasan cruthachail – sinn fhìn mar luchd-ealain a’ bruidhinn ris an fheadhainn aig a bheil an comas taic a chumail rinn.”

Tha Alba Chruthachail a’ tabhann fichead bursaraidh de suas ri £350 gach neach gus cuideachadh le cosgaisean frithealaidh. Thèid prìomhachas a thoirt do dhaoine fèin-fhastaichte, daoine a tha ag obair air an ceann fhèin, agus dhaibhsan a dh’fheumas taic airson cosgaisean siubhail, àite-fuirich no cùraim ma tha iad a’ siubhal astar fada. 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bhursaraidhean nuair a thathar a’ clàradh. 

Notaichean do Luchd-deasachaidh

Gus clàradh airson Buain no airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu [email protected]

A rèir Plana Èiginn Gnàth-shìde agus Seasmhachd Alba Chruthachail, chaidh grunn cheuman a chur an gnìomh gus eimiseanan carboin an tachartais a lùghdachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh còmhdhail phoblach no cho-roinnte far a bheil sin comasach, biadh is solarachd ionadail, agus seirbheis bus shuttle gus luchd-frithealaidh a thoirt dhan àite agus air ais. 

Tha an tachartas seo a tha air a stiùireadh leis a’ Ghàidhlig a’ nochdadh dealas Alba Chruthachail a thaobh taic a thoirt dhan Ghàidhlig, air a mhìneachadh sa Phlana Ghàidhlig againn. Bidh Alba Chruthachail ag obair gus taic a thoirt do luchd-ealain agus buidhnean ealain a tha ag obair ann an, le no mu dheidhinn na Gàidhlig agus a cultar, ann an àite sam bith ann an Alba thar gach cruth ealain.

’S e Alba Chruthachail a’ bhuidheann phoblach a bheir taic do na gnìomhachasan ealain, sgrìn agus cultarach air feadh gach pàirt de dh’Alba, a’ sgaoileadh maoineachadh air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba agus leis a’ Chrannchur Nàiseanta. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig creativescotland.com. Lean sinn air XFacebook agus Instagram.  Ionnsaich barrachd mu luach ealain is cruthachalachd ann an Alba is thig còmhla rinn aig www.ourcreativevoice.scot.

Neach-conaltraidh Mheadhanan

Jacqueline Rothach, Co-òrdanaiche Dàimh Meadhanan is PR (Eadar-amail)

[email protected] / [email protected]

+44 (0) 7967 822 266


Buain Gaelic Arts gathering opens for registration 

  • Event taking place at Grinneabhat, Isle of Lewis, Wed 18 Sept 2024

Gaelic-speaking artists, arts development workers and Gaelic-focused organisations are invited to register their place for the Buain Gaelic Arts gathering.

The day-long event builds on the success of last September’s inaugural Gaelic arts and culture celebration hosted by Creative Scotland at Inverness WASPS Creative Academy. This year’s day-long event will take place at Grinneabhat, Isle of Lewis on Wednesday 18 September, a meeting and ceilidh place within a community where Gaelic in the vernacular language. Gaelic is the primary language of the event, and speakers of all levels are welcome.

Raghnaid Sandilands, Rhona Dougall and Mairi Kidd (Director at The Saltire Society) will be joining as speakers on the day to share their wide-ranging creative work from the fields of creative ethnology, placed-based engagement, and literature. There will be plenty of time throughout the day to chat, discuss and meet the other attendees.  

Attendees can also join a guided walk to experience the surrounding landscape and environment from a local’s perspective, and to round off the day, everyone is invited to enjoy a traditional ceilidh.

The day will start from 09:45 with a welcome and morning coffee, formally starting at 10:15 and drawing to a close at 18:00, with transfers returning to Stornoway including drop-offs on the way.

Anna MacQuarrie, Gaelic Arts Officer at Creative Scotland said: “The event last year sparked some exciting and fascinating conversation and we’re keen to carry that momentum forward into this year.

“The Isle of Lewis provides the perfect setting to build on the event and improve the opportunity for networking and knowledge-sharing for Gaelic-speaking artists and practitioners. We hope to see returning faces as well as hearing from new voices and experiences.”

Invited speakers and the full day’s programme will be announced in July.

Anne Martin, a Gaelic singer from the Isle of Skye, commented on last year’s event: “What a fantastic opportunity for those involved in the creative arts. A chance to meet and share ideas in our own language. A great networking forum where practitioners, funders and supporters could mingle in a relaxed and enjoyable atmosphere.” 

Creative Scotland is offering twenty bursaries of up to £350 each to help cover the cost of attending. Priority will be given to the self-employed, freelancers and those requiring support for travel, accommodation or care costs if travelling from a distance. 

More information on bursaries can be requested during registration. 

Background

To register to attend Buain or for more information, please get in touch with [email protected] 

In accordance with Creative Scotland’s Climate Emergency and Sustainability Plan, several considerations have been implemented to reduce the overall carbon emissions of the event. These include public or shared transport being utilised where possible, locally sourced food and catering, and a shuttle bus service operating to collect attendees to and from the venue. 

This Gaelic-led event reflects Creative Scotland’s commitment to supporting Gaelic, detailed in our Gaelic Language Plan. Creative Scotland works to support artists and art organisations who work in, with or about Gaelic language and culture, anywhere in Scotland across all art forms.

Creative Scotland is the public body that supports the arts, screen and creative industries across all parts of Scotland, distributing funding provided by the Scottish Government and The National Lottery. Further information at creativescotland.com. Follow us on XFacebook and Instagram. Learn more about the value of art and creativity in Scotland and join in at www.ourcreativevoice.scot

Image credit: Keri Johnson Photography, Astar Media for Creative Scotland

Media Contact

Jacqueline Munro, Media Relations & PR Officer (Interim)

[email protected] / [email protected]

+44 (0) 7967 822 266