International exchange funding for Scottish creative organisations

Maoineachadh iomlaid eadar-nàiseanta do bhuidhnean cruthachail Albannach

A stage; on it three people kneel around a slightly raised dais on which sits a while, detailed, paper mache city, softly and warmly lit by floodlights. In the middle, a large circle of sparking white light, seemingly held up by a leafless tree.

Le cead bho Tortoise in a Nutshell

  • Chaidh stiùireadh tagraidh airson prògram maoineachaidh Drochaid Chultarail na RA/ na Gearmailt airson 2025–2026 fhoillseachadh an-diugh 
  • Faodaidh buidhnean a tha a’ sireadh com-pàirteachasan ùra clàradh airson seiseanan coinneachaidh a-nis
  • Bithear ag iarraidh iarrtasan bhon Fhoghar 2024 a-mach

An-diugh, tha Alba Chruthachail agus com-pàirtichean* air dearbhadh gu bheil iad gu bhith a' maoineachadh prògram iomlaid chultarail eadar-nàiseanta gun samhail le £730,000 uile gu lèir thairis air dà bhliadhna.

Chaidh Drochaid Chultarail a stèidheachadh ann an 2021 gus na h-ealainean sòisealta a chomharrachadh tro bhith a’ cumail taic ri leasachadh chom-pàirteachasan stèidhichte agus ri cruthachadh chom-pàirteachasan ùra eadar a’ Ghearmailt agus an RA, mar chom-pàirteachas tasgaidh ùr-ghnàthach eadar a h-uile comhairle ealain san RA agus prìomh institiùdan cultarail na Gearmailt.

Gu ruige seo tha Drochaid Chultarail air taic a thoirt do 35 com-pàirteachasan agus còrr is 70 buidheann a tha dealasach a thaobh a bhith ag iomlaid agus a’ co-obrachadh air cleachdaidhean ealain, a tha a' coimhead air cuspairean a tha mu choinneamh choimhearsnachdan anns an dà dhùthaich. 

Bidh a’ mhaoin a’ toirt taic do bhuidhnean a tha ag obair thairis air diofar chuspairean agus chruthan ealain a’ gabhail a-steach obair òigridh, ion-ghabhailteachd, slàinte is sunnd, agus ealainean sòisio-poilitigeach, dùthchail agus stèidhichte san àrainneachd.

Le bhith a’ cur an comas cheanglaichean ùra agus a' cumail taic ri ceanglaichean a tha ann mar-thà, tha Drochaid Chultarail a’ toirt taic do lìonra de bhuidhnean a tha a’ sìor fhàs a tha dealasach a thaobh a bhith a’ co-roinn eòlas agus sgilean, ag iomlaid bheachdan agus a’ co-obrachadh air cleachdaidhean ealain agus pròiseactan a bhios a’ coimhead air cuspairean agus chùisean a tha mu choinneamh choimhearsnachdan air feadh an dà dhùthaich.

Bidh Feimineachas agus Iomairteachd Imrichean bho Stellar Quines agus Mpower a’ coimhead air obair ealain le taobh sòisealta a chaidh a cho-chruthachadh le boireannaich òga ann am Berlin agus Fìobha air an tug fogarrachd agus imrich buaidh. Bidh An Cathair-bhaile Do-fhaicsinneach bho Tortoise in a Nutshell agus TheatreGrueneSosse a’ toirt cothrom do dhaoine òga às an dà chathair-bhaile tighinn còmhla gus ionnsachadh, co-roinn agus gus faighinn a-mach dè na rudan a tha coltach ri chèile agus eadar-dhealaichte eadar na coimhearsnachdan ionadail agus nan cleachdaidhean ealain. 

Thuirt iad: “Bheir Drochaid Chultarail cothrom dhuinn a bhith ag obair còmhla ri luchd-ealain leis an aon seòrsa sealladh gus ealain air leth a chruthachadh do dhaoine de gach aois. Tha e cho cudromach a bhith comasach air a dhol a-steach do phròiseas mar seo leis an ùine, spàs agus fosgailteachd a bheir am prògram seachad. 

“Còmhla, bidh Theatregruenesosse agus Tortoise in a Nutshell a' coimhead air na cathair-bhailtean do-fhaicsinneach agus air na seallaidhean anns na h-àiteachan a tha timcheall oirnn. Tha am maoineachadh a’ toirt cothrom dhuinn co-obrachadh agus daoine òga bho gach cuid Frankfurt agus Dùn Èideann a thoirt còmhla gus ionnsachadh agus co-roinn còmhla ri chèile agus faighinn a-mach dè na rudan a tha sa chumantas agus a tha eadar-dhealaichte nar coimhearsnachdan ionadail agus nar cleachdaidhean ealain.”

Chaidh am prògram a chur air bhog ann an 2021 agus tha e air taic a thoirt do 35 com-pàirteachasan ùra no leantainneach agus tro 42 dhuais, tha iad air taic a thoirt do 73 buidhnean agus air cothroman a thoirt do 591 luchd-ealain agus cleachdaichean cultarail air feadh na RA agus na Gearmailt. Bha naoi de na com-pàirteachasan sin, a bha ceangailte ri deich duaisean, à Alba. 

Gu ruige seo, tha Drochaid Chultarail air grantaichean luach £662.000 a thoirt seachad agus an-diugh tha iad air daingeachadh gun toir iad taic do dhà chuairt maoineachaidh eile, de £360.000 agus de £370,000, a' dèanamh suas £730,000 uile gu lèir. 

Tha Drochaid Chultarail a' faighinn taic bhon Chrannchur Nàiseanta tro Alba Chruthachail. Thuirt Dana MacLeod, Stiùirich Gnìomha airson Ealainean, Coimhearsnachdan agus Ion-ghabhail aig Alba Chruthachail: “Tha dealas leantainneach Alba Chruthachail a thaobh phrògram Drochaid Chultarail na eisimpleir eile den obair chudromach againn leis na ceithir comhairlean ealain nàiseanta san RA gus ceanglaichean eadar-nàiseanta a neartachadh agus a dhoimhneachadh. 

“Tha an com-pàirteachas buadhmhor le Fonds Soziokultur, Comhairle Bhreatainn agus an Goethe Institut ann an Lunnainn a’ cumail taic ri iomlaid eadar luchd-ealain agus cleachdaichean cruthachail a tha an sàs gu sòisealta air feadh Alba, Sasainn, Èirinn a Tuath agus a’ Chuimrigh, agus nar nàbaidh dlùth sa Ghearmailt. Tha seo a’ fosgladh dhorsan gu ceanglaichean sùbailte is smaoineachail eadar na coimhearsnachdan ionadail leis a bheil iad ag obair.”

Notaichean do Luchd-deasachaidh

*Is iad com-pàirtichean Drochaid Chultarail: Comhairle Ealain Shasainn, Comhairle Ealain Èirinn a Tuath, Comhairle Bhreatainn, Alba Chruthachail, Fonds Soziokultur, Goethe-Institut Lunnainn agus Ealain na Cuimrigh Eadar-nàiseanta / Comhairle Ealain na Cuimrigh.

Faodaidh com-pàirteachasan ùra cur a-steach airson suas ri £10,000 agus faodaidh com-pàirteachasan stèidhichte cur a-steach airson suas ri £30,000.

Gus faighinn a-mach mu na seiseanan stiùiridh is maidsidh faic: Funding | Cultural Bridge (cultural-bridge.info).

Airson barrachd fiosrachaidh mu phròiseactan Drochaid Chultarail 2024 - 2025, faic: www.culturalbridge.info

Alba Chruthachail

’S e Alba Chruthachail a’ bhuidheann phoblach a bheir taic do na gnìomhachasan ealain, sgrìn agus cultarach air feadh gach pàirt de dh’Alba, a’ sgaoileadh maoineachadh air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba agus leis a’ Chrannchur Nàiseanta. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig creativescotland.com. Lean sinn air X, Facebook agus Instagram.  Ionnsaich barrachd mu luach ealain is cruthachalachd ann an Alba is thig còmhla rinn aig www.ourcreativevoice.scot.

Comhairle Ealain Shasainn 

’S e Comhairle Ealain Shasainn a’ bhuidheann leasachaidh nàiseanta airson cruthachalachd is cultar. Tha sinn air ar n-amas ro-innleachdail a chur a-mach ann an Let’s Create gu bheil sinn airson ’s gum bi Sasainn na dùthaich ro 2030 anns a bheil cruthachalachd gach duine againn ga luachadh is gu bheil cothrom aca uile ri soirbheachadh, agus far a bheil cothrom aig gach duine againn air farsaingeachd air leth de chothroman cultarach àrd-chàileachd. Bidh sinn a’ tasgadh airgead poblach bhon Riaghaltas agus bhon Chrannchur Nàiseanta gus taic a thoirt dhan roinn agus gus an t-seallaidh seo a lìbhrigeadh. www.artscouncil.org.uk. 

Comhairle Ealain Èirinn a Tuath

’S e Comhairle Ealain Èirinn a Tuath prìomh bhuidheann mhaoineachaidh is leasachaidh nan Ealainean a tha a’ toirt taic do phròiseactan ealain air feadh na roinne, tro Roinn an Ionmhais aige is bhon Chrannchuir Nàiseanta.  Tha ar maoineachadh a’ toirt comas do luchd-ealain is buidhnean ealain barrachd cothrom fhaighinn air na h-ealainean air feadh a' chomainn-shòisealta agus a bhith a’ lìbhrigeadh sàr-ealain a tha ruigsinneach do na h-uile. 

Gu ruige seo, tha cluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta air cuideachadh gus £48 billean a thogail airson Deagh Iomairtean, le còrr is 685,000 duais fa leth air an toirt seachad air feadh na RA. Leis na ceudan de thabhartasan crannchuir anns a h-uile sgìre còd-puist, bidh a’ mhòr-chuid de dhaoine air buannachd fhaighinn bho phròiseact maoinichte leis a’ Chrannchur Nàiseanta aig àm air choreigin.

Comhairle Bhreatainn

Is e Comhairle Bhreatainn buidheann eadar-nàiseanta na RA airson dàimhean cultarach agus cothroman foghlaim.

Bidh sinn a’ cumail taic ri sìth agus soirbheachas tro bhith a’ togail cheanglaichean, tuigse agus earbsa eadar daoine san RA agus dùthchannan air feadh an t-saoghail.

Bidh sinn ag obair gu dìreach le daoine fa leth gus an cuideachadh gus na sgilean, a' mhisneachd agus na ceanglaichean fhaighinn gus am beatha atharrachadh agus saoghal nas fheàrr a dhèanamh ann an com-pàirteachas leis an RA. Bheir sinn taic dhaibh gus lìonraidhean a thogail agus beachdan cruthachail a sgrùdadh, gus Beurla ionnsachadh, foghlam aig àrd-inbhe fhaighinn agus gus teisteanasan a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta fhaighinn. www.britishcouncil.org 

Fonds Soziokultur

Tha Fonds Soziokultur air aon de shia Fonds Cultair Feadarail sa Ghearmailt agus tha e air a bhith a’ toirt taic do phròiseactan ealain com-pàirteachail ann an gach seòrsa ealain bho 1988. Bidh am Fonds Soziokultur a’ maoineachadh phròiseactan a bhios nan deagh eisimpleirean airson iomairtean is institiùdan sòisio-chultarach eile. Is e am t-amas aig sòisio-chultar a bhith a’ dol an sàs le, agus a’ leudachadh, feumalachdan agus comasan aesthetic, conaltraidh agus sòisealta gach saoranach. 

Anns a’ cho-theacsa seo, is iad na h-amasan gabhail ri dòighean cultarach is ealanta agus brosnachadh gus an smaointean a chur an cèill agus gus cumhachd a chumail ri co-chruthachadh gnìomhach ann am beatha shòisealta agus chultarach. Tha stòrsan buidseit cunbhalach Fonds Soziokultur air an toirt seachad le Beauftragte der Bundesregierung für Kultur und Medien (Coimiseanair Riaghaltas Feadarail na Gearmailt airson Cultar agus nam Meadhanan).cwww.fonds-soziokultur.de

Goethe-Institut Lunnainn

Is e an Goethe-Institut a' bhuidheann chultarail aig Poblachd Fheadarail na Gearmailt, aig a bheil ruigsinneachd eadar-nàiseanta. Le 151 institiudan ann an 98 dùthchannan, bidh e a’ brosnachadh eòlas air Gearmailtis thall thairis, a’ brosnachadh iomlaid chultarail eadar-nàiseanta agus a’ toirt seachad deagh ìomhaigh den Ghearmailt san latha an-diugh. Tha ceanglaichean Goethe-Institut le institiudan com-pàirteach ann an iomadh àite eile a’ fàgail gu bheil timcheall air 1,100 puing conaltraidh aige air feadh an t-saoghail.

A’ dol an sàs le luchd-amais aig a bheil ùidh ann an cultar, cànan agus foghlam, tha Goethe-Institut Lunnainn suidhichte air Exhibition Road, a’ tabhann measgachadh farsaing de chothroman agus àiteachan, le ruigsinneachd faisg air làimh air ionadan aig ìre na cruinne. www.goethe.de/uk

Comhairle Ealain na Cuimrigh / Ealain na Cuimrigh Eadar-nàiseanta

’S e Ealain na Cuimrigh Eadar-nàiseanta a’ bhuidheann ion-taigh eadar-nàiseanta aig Comhairle Ealain na Cuimrigh, a’ bhuidheann phoblach air a bheil uallach airson maoineachadh agus leasachadh nan ealainean anns a’ Chuimrigh. Gach latha, tha daoine air feadh na Cuimrigh a’ faighinn tlachd à, agus a’ gabhail pàirt anns na h-ealainean. Bidh sinn a' toirt seachad taic agus cuideachadh gus fàs a thoirt air an obair seo. Nì sinn seo le bhith a’ cleachdadh airgead poblach bho Riaghaltas na Cuimrigh agus le bhith a’ co-roinn an airgid a gheibh sinn bhon Chrannchur Nàiseanta mar dheagh-iomairt. Le bhith a’ stiùireadh agus a’ tasgadh na maoine seo, bidh a’ Chomhairle Ealain a’ cur ri càileachd beatha dhaoine agus ri sunnd cultaraich, sòisealta agus eaconamach na Cuimrigh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu ar deidhinn agus mun obair a nì sinn air an làraich-lìn againn https://arts.wales/.

’S e Ealain na Cuimrigh Eadar-nàiseanta a’ bhuidheann ion-taigh eadar-nàiseanta aig Comhairle Ealain na Cuimrigh, a’ bhuidheann phoblach air a bheil uallach airson maoineachadh agus leasachadh nan ealainean anns a’ Chuimrigh. Bidh iad a’ toirt seachad comhairle agus taic do luchd-ealain agus do buidhnean ealain às a’ Chuimrigh a tha ag obair gu h-eadar-nàiseanta agus tha iad mar àite-conaltraidh do bhuidhnean luchd-ealain eadar-nàiseanta agus do bhuidhnean a tha ag obair sa Chuimrigh no a tha a' dèanamh ceangal ris a' Chuimrigh. https://wai.org.uk/

Neach-conaltraidh Mheadhanan

Jacqueline Munro, Co-òrdanaiche Dàimh Meadhanan is PR (Eadar-amail)

[email protected] / [email protected]

+44 (0) 7967 822 266


International exchange funding for Scottish creative organisations

A stage; on it three people kneel around a slightly raised dais on which sits a while, detailed, paper mache city, softly and warmly lit by floodlights. In the middle, a large circle of sparking white light, seemingly held up by a leafless tree.

Courtesy of Tortoise in a Nutshell

  • Application guidance for the 2025–2026 UK/Germany Cultural Bridge funding programme is published today 
  • Organisations seeking new partnerships can register for matchmaking sessions now
  • Applications invited from Autumn 2024

Creative Scotland and partners* have confirmed continued funding of a unique International cultural exchange programme, to a total of £730,000 over two years.

Celebrating social arts practice by supporting the development of new and existing partnerships between Germany and the UK, Cultural Bridge was established in 2021 as an innovative investment partnership between all UK arts councils and leading German cultural institutions.  

So far Cultural Bridge has supported 35 partnerships and over 70 organisations committed to exchanging and collaborating on artistic practices that explore themes faced by communities in both countries. 

The fund supports organisations working across various themes and artforms including youth work, inclusion, health and wellbeing, socio-political, rural and environment-based arts.

By enabling new and existing connections, Cultural Bridge supports a growing network of organisations committed to sharing expertise and skills, exchanging ideas and collaborating on artistic practices and projects that explore themes and issues faced by communities across both countries.

Feminism and Migrant activism from Stellar Quines and Mpower explores socially engaged and co-created work with young women with refugee and migration experiences from Berlin and Fife. The Invisible City from Tortoise in a Nutshell and TheaterGrueneSosse engages young people from both cities to come together to learn, share and discover the similarities and differences in their local communities and artistic practices. 

They said: “Cultural Bridge will enable us to partner with like-minded artists to produce outstanding art for people of all ages. It is so important to be able to go into a process like this with time, space and openness, which the program will provide. 

“Together, Theatergruenesosse and Tortoise in a Nutshell will explore the invisible cities and perspectives in the places that surround us. The funding allows us to collaborate and bring together young people from both Frankfurt and Edinburgh to learn and share with one another and discover the similarities and differences in our local communities and artistic practices.”

The programme launched in 2021 and has supported 35 new and existing partnerships through 42 awards, benefitting 73 organisations and providing opportunities to 591 artists and cultural practitioners across the UK and Germany. Nine of these partnerships through ten awards were from Scotland. 

To date, Cultural Bridge has awarded £662,000 in grants and has today confirmed a commitment to two further funding rounds of £360,000 and £370,000 respectively, totalling £730,000. 

Cultural Bridge is supported by The National Lottery through Creative Scotland. Dana MacLeod, Executive Director of Arts, Communities and Inclusion of Creative Scotland said: “Creative Scotland’s continued commitment to the Cultural Bridge programme is another example of our important work with the four UK nations’ arts councils to strengthen and deepen international links. 

“The impactful partnership with Fonds Soziokultur, the British Council and the Goethe Institut in London supports exchange between socially engaged artists and creative practitioners across Scotland, England, Northern Ireland and Wales, and our close neighbour Germany. This opens doors to nuanced and thought-provoking connections between the local communities with which they work.”

Background

*Cultural Bridge partners are: Arts Council England, the Arts Council of Northern Ireland, British Council, Creative Scotland, Fonds Soziokultur, Goethe-Institut London and Wales Arts International / Arts Council of Wales.

New partnerships can apply for up to £10,000 and established partnerships can apply for up to £30,000.

To find the guidance and matchmaking sessions, visit: Funding | Cultural Bridge (cultural-bridge.info)

For further information about the Cultural Bridge 2024 - 2025 projects, visit: www.culturalbridge.info

Creative Scotland

Creative Scotland is the public body that supports the arts, screen and creative industries across all parts of Scotland, distributing funding provided by the Scottish Government and The National Lottery. Further information at creativescotland.com. Follow us on XFacebook and Instagram. Learn more about the value of art and creativity in Scotland and join in at www.ourcreativevoice.scot.

Arts Council England 

Arts Council England is the national development agency for creativity and culture. We have set out our strategic vision in Let’s Create that by 2030 we want England to be a country in which the creativity of each of us is valued and given the chance to flourish and where everyone of us has access to a remarkable range of high-quality cultural experiences. We invest public money from Government and The National Lottery to help support the sector and to deliver this vision. www.artscouncil.org.uk

The Arts Council of Northern Ireland

The Arts Council of Northern Ireland is the lead funding and development agency for the Arts providing support to arts projects throughout the region, through its Treasury and The National Lottery funds.  Arts Council funding enables artists and arts organisations to increase access to the arts across society and deliver great art that is within everyone’s reach. 

To date, National Lottery players have helped to raise £48 billion for Good Causes, with more than 685,000 individual awards made across the UK. With hundreds of lottery grants in every postcode district, most people will have benefited from a National Lottery-funded project at some point.

The British Council

The British Council is the UK’s international organisation for cultural relations and educational opportunities.

We support peace and prosperity by building connections, understanding and trust between people in the UK and countries worldwide.

We work directly with individuals to help them gain the skills, confidence and connections to transform their lives and shape a better world in partnership with the UK. We support them to build networks and explore creative ideas, to learn English, to get a high-quality education and to gain internationally recognised qualifications. www.britishcouncil.org

Fonds Soziokultur

Fonds Soziokultur is one of six Federal Culture Fonds in Germany and is supporting participative art projects of all artistic kinds since 1988. The Fonds Soziokultur funds projects which act as role models for other sociocultural initiatives and institutions. The aim of socioculture is to engage with and expand both the aesthetic and communicative as well as also the social needs and capabilities of all citizens. 

In this context, objectives are adoption of cultural and artistic forms of expression and to encourage and empower active co-creation in social and cultural life. The regular budgetary resources of the Fonds Soziokultur are provided by the Beauftragte der Bundesregierung für Kultur und Medien (German Federal Government Commissioner for Culture and Media). www.fonds-soziokultur.de

Goethe-Institut London

The Goethe-Institut is the cultural institute of the Federal Republic of Germany with a global reach. With 151 institutes in 98 countries, it promotes knowledge of German abroad, encourages international cultural exchange and conveys an image of contemporary Germany.

The Goethe-Institut’s ties with partner institutions in many other places give it about 1,100 points of contact around the world.
Engaging an audience interested in culture, language and education, the Goethe-Institut London is located on Exhibition Road, offering a broad variety of scope and spaces with nearby access to world-class institutions. www.goethe.de/uk

Arts Council of Wales / Wales Arts International

The Arts Council of Wales is the country’s official public body for funding and developing the arts. Every day, people across Wales are enjoying and taking part in the arts. We help to support and grow this activity. We do this by using public funds from the Welsh Government and by sharing the money we receive as a good cause from the National Lottery. By managing and investing these funds, the Arts Council contributes to people’s quality of life and to the cultural, social and economic wellbeing of Wales. More information about us and the work we do may be found on our website https://arts.wales/

Wales Arts International is the in-house international agency of the Arts Council of Wales, the public body responsible for funding and developing the arts in Wales. They provide advice and support to artists and arts organisations from Wales who work internationally and are a contact point for international artists organisations and agencies working in or connecting with Wales. https://wai.org.uk/

Media Contact

Jacqueline Munro, Media Relations & PR Officer (Interim)

[email protected] / [email protected]

+44 (0) 7967 822 266