Applications Open for Traditional and Gaelic Arts

Iarrtasan Gan Sireadh Son Ealain Dùthchasach Is Gàidhlig A Mhaoineachadh

Thathas a-nis a’ sireadh thagraidhean airson taic-airgid bho Thasgadh a tha a’ toirt taic do luchd-ealain agus buidhnean fa-leth obair ann an ealain dùthchasach na h-Alba a chruthachadh, a chluich, a toirt air chuairt no a thaisbeanadh. ‘S e Dihaoine 21 Ògmhios a’ chiad de thrì cinn-latha ann an 2024-25.  Tha Maoin nan Ealan Gàidhlig cuideachd fosgailte airson iarrtasan le Dihaoine 28 Ògmhios a’ chiad de dhà cheann-latha.

Cumaidh Fèisean nan Gàidheal rian air an dà mhaoin tiomnaichte – Tasgadh agus Maoin nan Ealan Gàidhlig – an dà chuid le taic bhon Chrannchur Nàiseanta tro Alba Chruthachail, agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur airgead a bharrachd mu choinneamh taic do na h-ealain Ghàidhlig a-mhàin.

Tha £36,500 ri sgaoileadh trom sgeama Tasgadh, fosgailte do thagraichean le eachdraidh ann an dannsa, sgeulachdan no ceòl traidiseanta na h-Alba. Tha tabhartasan eadar £250 agus £1,000 rim faighinn agus tha pròiseactan a shoirbhich roimhe a’ gabhail a-steach clasaichean ciùil is bùithtean-obrach, leasachaidhean dannsa, sgrìobhadh ceòl ùr, cuairtean, pròiseactan leasachaidh pearsanta, cothroman ionnsachaidh agus fèisean.  Ged is e Dihaoine 21 Ògmhios a’ chiad cheann-latha, bidh dà chuairt tagraidh eile ann airson Tasgadh le cinn-latha 25 Dàmhair 2024 agus 31 Faoilleach 2025.

Thuirt Karen Dick, Ceannard Àite, Chom-pàirteachasan is Choimhearsnachdan aig Alba Chruthachail: “Tha sinn glè thoilichte a chumail oirnn taic a thoirt do Thasgadh agus Maoin nan Ealan Gàidhlig, air a lìbhrigeadh tro Fhèisean nan Gàidheal.  Tha sinn toilichte gu bheil Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ leantainn air adhart leis an taic aca-san do Mhaoin nan Ealan Gàidhlig.  Tha an dà phrògram maoineachaidh seo deatamach do luchd-ealain agus buidhnean cruthachail a tha ag obair air feadh nan ealan dùthchasach agus ealain is cultar na Gàidhlig, agus ann an cànanan na h-Alba.  Le maoineachadh bhon Chrannchur Nàiseanta, tha na prògraman a’ toirt chothroman gus sgilean agus obair chruthachail a leasachadh, agus cothrom do luchd-èisteachd air feadh na h-Alba air cruthachalachd is cultar.” 

Tha £75,000 ri sgaoileadh tro Mhaoin nan Ealan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach £45,000 bhon Chrannchur Nàiseanta tro Alba Chruthachail – a stèidhich a’ mhaoin – agus £30,000 a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig.  Tha a’ mhaoin airson taic a chumail ri iomairtean ealain Ghàidhlig le prìomhachas ga thoirt do phròiseactan air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig no a chuireadh ri ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig.  Tha dà cheann-latha ann airson iarrtasan a chur gu Maoin nan Ealan Gàidhlig - Dihaoine 28mh Ògmhios agus Dihaoine 15mh Samhain 2024.

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Tha Fèisean nan Gàidheal gu math toilichte co-obrachadh le Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig maoineachadh a thoirt do luchd-ealain a bharrachd air buidhnean ealain is coimhearsnachd.  Tha fèill mhòr air Tasgadh agus Maoin nan Ealan Gàidhlig.  Cha bhiodh a dhìth ach tagradh sìmplidh agus gheibhear freagairt taobh a-staigh mìos bhon cheann-latha airson iarrtasan.  Tha sinn ag amas air cothroman a thoirt do thachartasan ealain a chur air adhart air feadh na h-Alba.”

Tha stìuireadh air mar a ghabhadh na foirmichean-iarrtais a lìonadh ann am bhideo air-loidhne an seo agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Tasgadh, agus foirm-iarrtais, aig https://www.feisean.org/tasgadh-g/ agus fiosrachadh mu dheidhinn Maoin nan Ealan Gàidhlig aig https://www.feisean.org/meg/.


Applications Open for Traditional and Gaelic Arts Funds

Applications are now being invited for funding from Tasgadh (Investing) which provides support for individual artists and organisations to create, perform, tour and showcase Scottish traditional arts.  Friday 21st June is the first of three deadlines in 2024-25.  Maoin nan Ealan Gàidhlig (the Gaelic Arts Fund) is also open for applications with Friday 28th June the first of two deadlines.

Fèisean nan Gàidheal will continue to administer the two devolved funds - Tasgadh and Maoin nan Ealan Gàidhlig - both with the support of The National Lottery through Creative Scotland, and Bòrd na Gàidhlig contributing an additional sum to support Gaelic arts through the latter.

£36,500 is available to distribute through Tasgadh, open to applicants with a proven track record in Scottish traditional dance, storytelling or music.  Awards of between £250 and £1,000 are available and past successful projects include music classes and workshops, dance development and collaborations, composition of new music, tours, personal development projects, internships and festivals.  While Friday 21st June is the first deadline, there will be two further rounds for Tasgadh with closing dates of 25th October 2024 and 31st January 2025 for applications.

Karen Dick, Head of Place, Partnerships and Communities at Creative Scotland said: “We are very happy to continue our support for Tasgadh and Maoin nan Ealan Gàidhlig, delivered through Fèisean nan Gàidheal.  We are pleased that Bòrd na Gàidhlig is also continuing their support for Maoin nan Ealan Gàidhlig.  These two funding programmes are crucial for artists and creative organisations working in across traditional arts and Gaelic arts and culture, and in the languages of Scotland.  Made possible by National Lottery funding, the programmes provide opportunities to develop skills and creative work, and access to creativity and culture for audiences across Scotland.”

There is £75,000 to distribute through Maoin nan Ealan Gàidhlig (the Gaelic Arts Fund), made up of £45,000 from The National Lottery through Creative Scotland - which established the fund - and an additional £30,000 from Bòrd na Gàidhlig.  The fund is to assist Gaelic arts initiatives with priority given to projects delivered through the medium of Gaelic or which contribute to Gaelic learning and use.  There are two deadlines for applications to Maoin nan Ealan Gàidhlig - Friday 28th June and Friday 15th November 2024.

Arthur Cormack, Chief Executive of Fèisean nan Gàidheal, commented: "Fèisean nan Gàidheal is very happy to collaborate with Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig to make funding available to artists as well as arts and community organisations.  Tasgadh and Maoin nan Ealan Gàidhlig are popular sources of funding.  The two schemes benefit from a simple application process and a response within a month of the deadline dates for applications and we aim to ensure they continue to enable arts activities to take place across Scotland.”

There is a useful walkthrough of the application forms in an online video here and further information about Tasgadh, and how to apply, can be found at https://www.feisean.org/en/tasgadh/, while details of Maoin nan Ealan Gàidhlig are available at https://www.feisean.org/en/meg-en/